Gàidhlig san Dachaigh

‘S e an dachaigh an t-àite as cudromaiche airson Gàidhlig ionnsachadh. Seo far a bheil na cothroman ‘s na buannachdan as fheàrr airson cànan a thogail còmhla ris an teaghlach.’S ann san dachaigh a tha clann ag ionnsachadh bho am pàrantan agus an teaghlach fharsaing, gus a bhith a’ cluich agus a’ cleachdadh an cànan san t-saoghal sa bheil iad bèo.Bha e a-riamh na phàirt de thogail chloinne tron Ghàidhlig a bhith a’ seinn òrain is tàlaidhean, ag athris rannan is sgeulachdan agus a’ cluich geamannan. ‘S ann tro na ceanglaichean agus tron bheul-aithris làidir seo a bha a’ Ghàidhlig a’ fàs gu nàdarra anns na teaghlaichean.

Bidh clann ag ionnsachadh cànan ann am mòran suidheachaidhean agus mar sin, the e deatamach gun cluinn iad a’ Ghàidhlig mun cuairt orra sa chiad tri bliadhna nam beatha.

Cluinnidh tu beairteas na Gàidhlig tro bhith ag èisteachd ri clàran, eadar-lìon, telebhisean agus rèidio. Èistibh ris na tàlaidhean àlainn Gàidhlig seo air Kist O’ Dreams.

Buannachdan Cultarach

Anns a’ bhidio seo tha Antonella Sorace a’ toirt dhuinn sealladh air a’ cheangal a th’ ann eadar cultar is cànan agus mar a tha tuigse air seo na ghibht phrìseil do chloinn òga dà-chànanach. Tha Fiona Dunn ag innse dhuinn mu na cur-seachadan is meadhanan-ealain air a bheil i air eòlas a chur ri linn dà-chànanais. Tha Joanne McPake a’ tilleadh agus i a’ bruidhinn air na h-eadar-dhealachaidhean beaga agus na seallaidhean cànanach a gheibh thu le cànanan eile, agus tha Friseal MacLachlainn agus Sgotaidh Mac Con Ulaidh a’ bruidhinn air an dàimh eadar dà-chànanas agus dearbh-aithne, mar a chuireas daoine na beachdan aca an cèill agus inntinn a tha fosgailte.

Làrach-lìn fheumail

Gaelic4Parents

Acair

BBC ALBA

Kist O Dreams