Carson a dh’ionnsaicheadh clann Gàidhlig?

Tha cuid de bhuannachdan dà-chànanais agus de Fhoghlam tron Ghàidhlig a’ gabhail a-steach:

  • Le bhith dà-chànanach, tha clann mothachail air cànan agus mar a tha cànan ag obrachadh. Bidh fios aig pàiste a tha a’ labhairt Gàidhlig gu bheil cuid de ainmearan fireann agus boireann. Tha seo ga dhèanamh nas fhasa cànanan ionnsachadh leithid Fraingis agus Spàinnis, far a bheil na h-aon riaghailtean an cèill.
  • Tha comas ann an dà chànan a’ tairgsinn mòran chothroman obrach.
  • Tha iad nas fheàrr air leughadh, agus tha e nas fhasa dhaibh cànanan eile ionnsachadh.
  • Tha comas aig clann ann am Foghlam tron Ghàidhlig (FTG) a bhith fileanta ann an dà chànan le buannachdan ag ionnsachadh feadhainn eile.
  • Tha comas ann an dà chànan a’ toirt cothrom air litreachas eadar-dhealaichte, agus air barrachd dhòighean smaoineachaidh is giùlain.
  • Tha tuigse nas fheàrr aig dà-chànanaich le Gàidhlig do dhearbh-aithne chultarach farsaing na h-Alba.
  • Tha clann a tha ag ionnsachadh diofar chànanan bho aois òg buailteach a bhith nas cuimsichte ann an obair ‘ioma-ghnìomhach’ seach clann aig nach eil ach aon chànan.
  • Tha rannsachadh a’ taisbeanadh gu bheil clann, a tha air an oideachadh tron Ghàidhlig, aig an aon ìre no a’ dèanamh nas fheàrr na clann a tha ag ionnsachadh tro aon chànan.

Buannachdan Conaltraidh is Sòisealta

Anns a’ bhidio seo tha Joanna McPake a’ bruidhinn air na buannachdan a gheibhear bho dà-chànanas a thaobh mar as urrainn dhut fiosrachadh fhaighinn bho dhiofar thùsan agus an tlachd a gheibhear bho bhith leughadh ann an cànan eile. Tha Wilson MacLeòid ag innse dhuinn mu mar a dh’fhaodas tuigse a bhith againn air na diofar sheallaidhean is cultaran a th’ aig daoine. Agus aig an deireadh, tha Sgotaidh Mac Con Ulaidh, Ruairidh Greumach agus Fiona Dunn ag innse dhuinn mu na buannachdan a tha iad air fhaighinn ri linn dà-chànanais, leithid càirdeas pearsanta, ionnsachadh mu chultar is eachdraidh agus fèin-mhisneachd ann an saoghal ioma-chànanach.

Làrach-lìn fheumail

Omniglot