Càite an Ionnsaich Clann Gàidhlig?

Tràth-Bhliadhnaichean (0-3)

Pàrant is Pàiste

Tha buidhnean phàrant is pàiste fosgailte do chlann agus am pàrantan/luchd-cùraim bho àm breith gu 5 bhliadhna a dh’aois. Anns na buidhnean sin, tha cothrom aig a’ chloinn cluich tro mheadhan na Gàidhlig cho luath ‘s a rugadh iad. Tha cothrom aig pàrantan òrain agus geamaichean ionnsachadh, a dh’fhaodas iad a dhèanamh aig an dachaigh còmhla ri am pàiste.

Tha buidhnean Phàrant is Pàiste cuideachd a’ toirt cothrom do phàrantan agus luchd-cùraim tighinn còmhla ann an coimhearsnachd. Tachraidh tu ri pàrantan/luchd-curaim eile a tha air taghadh a dhèanamh am pàiste a thogail dà-chànanach.  Tha cothroman ann cuideachd a dhol a sàs ann am buidhnean ionadail Comann nam Pàrant.

Cròileagan

Bidh clann a’ dol don Chròileagan bho aois 2-3 bliadhna. Faodaidh tu am pàiste agad fhàgail anns a’ Chròileagan còmhla ri luchd-obrach aig a bheil Gàidhlig. Cha chluinn am pàiste agad ach Gàidhlig anns a’ Chròileagan.

Tha 5 luchd-obrach tràth bhliadhnaichean ag obair do Bhòrd na Gàidhlig ann an sgirean air feadh na dùthcha.  Tha iad a’ cur taic ri raon 0-3.  Ma tha tuilleadh fiosrachaidh a dhìth oirbh no ma tha ùidh agaibh buidheann 0-3 a thòiseachadh cuiribh fios gu Bòrd na Gàidhlig.

Sgoil-àraich 

Tha a’ mhòr-chuid de Sgoiltean-Àraich fo stiùir an Ùghdarrais Ionadail, agus mar as trice ceangailte ri bun-sgoil a tha a’ tabhainn Foghlam tron Ghàidhlig. Nuair a tha pàiste 3 bliadhna a dh’aois, faodaidh e/i a dhol don Sgoil-àraich. Bidh am pàiste agad a’ leantainn stiùireadh Curraicealam airson Sàr-Mhathas anns an Sgoil-àraich. Bidh a h-uile gnìomh tro mheadhan na Gàidhlig. Tha e riatanach gun cluinn am pàiste agad mòran Gàidhlig aig na tràth-ìrean de dh’ionnsachadh.

Bun-sgoil 

Ann an clasaichean tron Gàidhlig tha ionnsachadh agus teagasg gu tur tro mheadhan na Gàidhlig aig ìre bogaidh bho P1-P3. Tha Beurla an uair sin air a teagasg beag air bheag. Tha cudrom air a chur air èisteachd agus labhairt aig a h-uile ìre sa bhun-sgoil, gus cothrom a thoirt don neach-ionnsachaidh an cuid Gàidhlig a chleachdadh, a neartachadh agus a bheartachadh.

Àrd-sgoil

Far a bheil an cothrom, bu chòir do ionnsachadh tron Ghàidhlig a bhith air a leudachadh tarsainn a’ churraicealam agus nas fhaide. Feumaidh iomadh cothrom a bhith aig clann air Gàidhlig a chluinntinn agus a chleachdadh gus an tig iad gu fileantachd. Anns an àrd-sgoil, bidh cothroman aca Gàidhlig a chleachdadh ann an suidheachaidhean practaigeach, le saoghal na h-obrach nam measg. Far a bheil e ceadaichte, bu chòir cothrom a bhith aca greis gnìomhachais a dhèanamh ann an Gàidhlig. Bidh luchd-teagaisg ann am foghlam tron Ghàidhlig a’ cumail sùil a-mach airson ceanglaichean a dhèanamh ri coimhearsnachdan gnìomhachais Gàidhlig agus buidhnean Gàidhlig.

Làrach-lìn fheumail

Bilingualism Matters

TWF Cymru