Ag Ionnsachadh Gàidhlig

Dè an t-àm as fheàrr do chlann airson Gàidhlig ionnsachadh?

Togaidh clann òg cànanan gun strì. Cha bhi iad a’ smaointinn mu na cànanan a tha iad ag ionnsachadh. Tha iad ga dhèanamh dìreach cho nàdarra ri ionnsachadh sgilean eile, agus chan eil uallach orra mu bhith a’ dèanamh mhearachdan. Tha iad airson an teachdaireachd innse.

Tha clann comasach air dà chànan ionnsachadh aig an aon àm. Mar eisimpleir, dh’fhaodadh gum bruidhinn aon phàrant Gàidhlig ris a’ phàiste agus ‘s dòcha gum bruidhinn am pàrant eile ann am Beurla no ann an cànan eile. Tha an dà chànan air an ionnsachadh aig an aon àm.

Dh’fhaodadh gun tog clann eile aon chànan an toiseach agus an uair sin cànan eile rè ùine. Mar eisimpleir, ma dh’fhaoidte gum bruidhinn iad Beurla san dachaigh agus gun ionnsaich iad Gàidhlig ann am Pàrant is PàisteCròileagan no Sgoil-àraich. Bidh iad air an cuairteachadh gu tur le Gàidhlig anns na buidhnean sin agus togaidh iad a’ Ghàidhlig tro chluiche, seinn, sgeulachdan agus iomadh gnìomh spòrsail eile.

Buannachdan Clàr-oideachais agus a thaobh Cànain

Sa bhidio seo tha sinn a’ coimhead air sgrùdaidhean sgoilearach a tha a’ sealltainn nam buannachdan a gheibhear bho fhoghlam tron Ghàidhlig. Tha Antonella Sorace agus Wilson MacLeòid a’ beachdachadh air mar a tha sgoilearan FtG a’ soirbheachadh gu ìre nas fheàrr a thaobh sgilean ann an cànan is litreachas na Beurla agus leughadh. Tha Joanna McPake ag innse dhuinn tuilleadh mu na comasan aig daoine cànanan ionnsachadh, agus na tha sin a’ ciallachadh do chuideigin a tha dà-chànanach. A’ bruidhinn mar thè a tha na tidsear ann am FtG, tha Anna NicDhiarmaid a’ mìneachadh cho furasta agus a tha e do sgoilearan dà-chànanach a dhol bho bhith ag ionnsachadh mu fhuaimean Gàidhlig gu fuaimean Beurla aig ìre nan tràth-bhliadhnaichean.

Làrach-lìn fheumail

Gaelic4Parents

Acair

BBC ALBA

Kist O Dreams