A’ Taghadh Foghlam tron Ghàidhlig

Chan fheum Gàidhlig a bhith agad fhèin no aig do phàiste airson a dhol gu Pàrant is Pàiste, CròileaganSgoil-àraich no Bun-sgoil.

Nuair a thòisicheas do phàiste anns an ro-sgoil / bun-sgoil Ghàidhlig, bidh iad air am bogadh ann an Gàidhlig bhon chiad dol a-mach. Bidh cothrom aig a’ chloinn Gàidhlig ionnsachadh agus am briathrachas aca a’ leudachadh agus an cuid ionnsachaidh gu lèir fhaighinn tro mheadhan na Gàidhlig.

Na gabh dragh mura h-eil do phàiste air a bhith a’ frithealadh ro-sgoil tron Ghàidhlig. Togaidh clann Gàidhlig gun strì agus cha bhi uallach orra a bhith ann an suidheachadh far a bheil iad ag ionnsachadh rudeigin ùr.

Ma tha cothrom air a bhith aig clann air solar tràth-bhliadhnaichean / ro-sgoile tron Ghàidhlig, tha e nàdarra dhaibh eadar-ghluasad a dhèanamh gu foghlam bun-sgoile tron Ghàidhlig.

Buannachdan a thaobh Tuigse

A’ bruidhinn air dà-chànanas bho shealladh saidheans, tha Joanna McPake a’ mìneachadh dè na buannachdan a gheibhear bho dà-chànanas, a’ gabhail a-steach ‘slighean’ eanchainn a tha sùbailte agus comasan gus fuasgladh fhaighinn air duilgheadasan. Cuideachd sa bhidio seo tha Antonella Sorace a’ beachdachadh air mar a tha sgilean cànain ag obair a thaobh na h-eanchainne agus mar a nì iad e nas fhasa dhuinn cànanan ionnsachadh. Aig an deireadh tha Friseal MacLachlainn a’ mìneachadh dè th’ ann an ‘aire chuimseach’ far an cùm an neach-dà-chànanach an aire air cnag na cùise agus mar a tha comas aca fiosrachadh nach eil feumail a leigeil seachad.

Làrach-lìn fheumail

Bilingualism Matters

TWF Cymru