home
edu-learn
community
faq

Fàilte

Air feadh na Roinn Eòrpa, tha dà-chànanas air fhaicinn mar nì àbhaisteach do chlann òg. Tha e àbhaisteach agus beòthail. Ann an Alba tha an aon chothrom ann airson a bhith dà-chànanach.

Dà-chànanach (Mìneachadh)

– buadhair – A’ cleachdadh no comasach air dà chànan a chleachdadh, gu h-àraid gu ìre fileantachd no gu ìre mhath fileanta anns gach cànan.

– ainmear – Neach a chleachdas dà chànan no aig a bheil comas air dà chànan a chleachdadh chun na h-aon ìre.

Dà-chànanas (Mìneachadh)

– ainmear – 1. Comasach air dà chànan a labhairt. 2. A’ cleachdadh dà chànan, mar ann an coimhearsnachd.

Tha an làrach-lìn seo a’ solarachadh fiosrachaidh mu dheidhinn Foghlam Tron Ghàidhlig agus na buannachdan co-cheangailte ri bhith dà-chànanach. Tha fiosrachadh agus mapaichean a’ taisbeanadh far a bheil cothromon a dhol an sàs sa Ghàidhlig rim faotainn air feadh Alba. Tha 14 Ùghdarrasan Ionadail a’ solarachadh Foghlam tron Ghàidhlig ann an Alba. Tha diofar mhapaichean dhiubh an-seo: