Ciamar a Bhitheas Clann ag Ionnsachadh

‘S e na prìomh cheumannan ann an ionnsachadh cànain:

  • Àm Sàmhach
  • Tuigse
  • Freagairt Cheistean
  • Cleachdadh na Gàidhlig gun Taic

Àm Sàmhach

Feumaidh tu cànan a thuigsinn mus bruidhinn thu i. Tha e riatanach cuimhneachadh gum bi clann sàmhach aig an ìre seo, ach tha iomadh nì ann as urrainn dhuinn a dhèanamh gus taic a chumail riutha. Tha òrain, rannan agus geamannan dha-rìribh math airson clann a chuideachadh gus eòlas fhaighinn air fuaim a’ chànain, gus am bi tuigse aca agus gus an cluinn iad facail ùra.

Tuigse

Mar a dh’fhàsas iad eòlach, tòisichidh iad air òrdughan, òrain agus rannan a thuigsinn. Tòisichidh iad a’ dèanamh mar a dh’iarrar orra, agus beag air bheag tòisichidh iad air pàirt a ghabhail ann an seinn nan òran agus nan rannan. ‘S dòcha nach labhair iad Gàidhlig, ach mas urrainn dhaibh geamaichean a’ leantainn no a dhèanamh mar a tha air iarraidh orra, tha iad a’ tuigsinn dè tha an t-inbheach ag ràdh.

Nuair a tha iad deiseil agus cofhurtail, bruidhnidh iad Gàidhlig. Tha e riatanach cuimhneachadh ma tha pàiste a’ freagairt mar bu chòir, tha iad a’ tuigsinn dè thathas ag ràdh riutha. Gus an cuideachadh a thaobh Gàidhlig ionnsachadh, tha e riatanach gur e Gàidhlig a bhios iad a’ cluinntinn.

A’ Freagairt Cheistean

Mar as trice, cleachdaidh iad an toiseach aon no dà fhacal mus tòisich iad air sreathan fhaclan a chleachdadh. Feumaidh cuimhne a bhith againn gum feum clann ùine airson ceist a fhreagairt. Feumaidh sinn ùine a thoirt dhaibh smaointinn mun cheist, gun a bhith a’ leum a-steach leis an fhreagairt no a’ crìochnachadh na seantans dhaibh.

‘S e moladh an nì as riatanaich do chlann nuair a tha iad a’ tòiseachadh ri facail agus abairtean Gàidhlig a chleachdadh.

A’ Cleachdadh na Gàidhlig gun Taic

Nuair a tha iad cofhurtail, tòisichidh clann air a’ chanan a chleachdadh gun taic. ‘S e clach-mhìle a tha seo dhaibh ann an ionnsachadh cànain.

Tha e nàdarra do chlann a bhith a’ measgachadh chànanan, gu h-àraid ma tha iad ag ionnsachadh dà chànan aig an aon àm.  Tha e riatanach do chloinn gum bi iad air a’ moladh nuair a tha iad ag ionnsachadh agus a’ cleachdadh na Gàidhlig.

Làrach-lìn fheumail

Bilingualism Matters

TWF Cymru