Ceistean Bitheanta

Tha clann ann am Foghlam tron Ghàidhlig a’ tighinn bho iomadh cùl-dualchais. San raon fharsaing seo, tha clann à dachaighean le Gàidhlig ann an coimhearsnachdan Gàidhlig agus clann ann an àrainneachd far nach eil Gàidhlig sam bith air a labhairt.Tha cuid de phàrantan aig a bheil clann ann am Foghlam tron Ghàidhlig, fileanta ann an Gàidhlig. Tha clann eile aig a bheil aon phàrant a bhruidhneas Gàidhlig agus pàrantan eile aig nach eil facal Gàidhlig.

Ge ‘r bith dè an suidheachadh, tha rùn phàrantan glè thric a cheart cho làidir gum bi a’ chlann aca dà-chànanach le comas air Gàidhlig a labhairt. ‘S dòcha gum bi ceistean aca mu na buannachdan agus na h-ana-cothroman co-cheangailte ri cur an cuid chloinne gu Foghlam tron Ghàidhlig.

Gheibh sibh freagairtean do na ceistean bitheanta sin anns an earrann seo den làraich-lìn.

1.  Carson Foghlam tron Ghàidhlig?

Tha iomadh buannachd ann a bhith comasach air dà chànan a labhairt.  Mar eisimpleir:

  • Le bhith dà-chànanach, tha clann mothachail air cànan agus mar a tha cànan ag obrachadh. Bidh fios aig pàiste a tha a’ labhairt Gàidhlig gu bheil cuid de ainmearan fireann agus boireann. Tha seo ga dhèanamh nas fhasa cànanan ionnsachadh leithid Fraingis agus Spàinnis, far a bheil na h-aon riaghailtean an cèill.
  • Tha comas ann an dà chànan a’ tairgsinn mòran chothroman obrach.
  • Tha iad nas fheàrr air leughadh, agus tha e nas fhasa dhaibh cànanan eile ionnsachadh.
  • Tha comas aig clann ann am Foghlam tron Ghàidhlig (FTG) a bhith fileanta ann an dà chànan le buannachdan ag ionnsachadh feadhainn eile.
  • Tha comas ann an dà chànan a’ toirt cothrom air litreachas eadar-dhealaichte, agus air barrachd dhòighean smaoineachaidh is giùlain.
  • Tha tuigse nas fheàrr aig dà-chànanaich le Gàidhlig do dhearbh-aithne chultarach farsaing na h-Alba.
  • Tha clann a tha ag ionnsachadh diofar chànanan bho aois òg buailteach a bhith nas cuimsichte ann an obair ‘ioma-ghnìomhach’ seach clann aig nach eil ach aon chànan.
  • Tha rannsachadh a’ taisbeanadh gu bheil clann, a tha air an oideachadh tron Ghàidhlig, aig an aon ìre no a’ dèanamh nas fheàrr na clann a tha ag ionnsachadh tro aon chànan.
  • ‘S urrainn do chlann ionnsachadh mu dheidhinn aon chuspair ann an aon chànan agus bruidhinn mu dheidhinn ann an cànan eile, agus gu tric cuidichidh seo iad gus cuspairean a thuigsinn.

2. An bheil Gàidhlig furasta ionnsachadh?

Cuimhnich gu bheil clann air am breith leis a’ chomas a bhith dà-chànanach, agus tha àite gu leòr san eanchainn airson barrachd na aon chànan.    Ann an àrainneachd far a bheil taic ga thoirt seachad, ‘s urrainn do phàiste Gàidhlig ionnsachadh, anns an dòigh a dh’ionnsaicheas iad cànan sam bith.

3.  An bu chòir dhuinn Gàidhlig a bhruidhinn san dachaigh ma tha clann ag ionnsachadh Gàidhlig san sgoil?

Tha àite air leth aig an dachaigh ann a bhith a’ leasachadh Gàidhlig na cloinne. ‘S e àite nàdarra a th’ ann airson Gàidhlig ionnsachadh agus a chleachdadh ann an suidheachaidhean làitheil.  Ma tha an cothrom agad Gàidhlig a chleachdadh san dachaigh, ‘s e àite air leth a th’ ann don chloinn airson a cleachdadh cuideachd.  Ma chluinneas clann Gàidhlig air a bruidhinn san dachaigh chì iad gu bheil àite aig a Ghàidhlig taobh a-muigh na sgoile cuideachd.

Brosnaich do phàiste gu bhith a’ labhairt riut sa Ghàidhlig. Èist ri no seinn òrain Ghàidhlig.  Brosnaich daoine eile le Gàidhlig gu bhith a’ labhairt ann an Gàidhlig ris a’ phàiste agad.

4. Ciamar a chleachdas sinn Gàidhlig san dachaigh mura h-eil Gàidhlig ach aig aon pharant?

‘S e suidheachadh gu math cumanta a tha seo.   Tha e an uair sin riatanach gum bi pàrantan aig a bheil Gàidhlig a’ leantainn orra a’ cleachdadh na Gàidhlig cho tric ‘s a ghabhas san dachaigh, gus am bi an leanabh eòlach air an dà chànan a chluinntinn.

‘S toil le clann a bhith ag eadar-theangachadh agus a’ mìneachadh chòmhraidhean.  ‘S dòcha gum bidh iad cuideachd airson innse mu na tha iad ag ionnsachadh.  Ma tha iad ag ionnsachadh tron Ghàidhlig agus a’ mìneachadh ann am Beurla, feumaidh iad beachdachadh air na dh’ ionnsaich iad, eadar-theangachadh gu Beurla agus an uairsin innse ann am Beurla.

Chan eil adhbhar sam bith ann nach fhaod thu leughadh do na pàistean agad ann am Beurla agus am brosnachadh gus Beurla a leughadh cuideachd.  ‘S dòcha gum bidh do phàiste cuideachd airson faclan Gàidhlig innse dhuibh ceangailte ris an sgeulachd.

Nuair a tha clann a’ tòiseachadh air leughadh ann am Beurla togaidh iad i gu luath agus gu furasta bhon a tha sgilean leughaidh aca mar-thà. Dh’fhaodadh clann tlachd  mhòr fhaighinn às nuair a leughas iad airson a’ chiad turas ann am Beurla, bhon a tha iad air a thuigsinn gu bheil an cothrom aca leughadh gu ìre glè fhileanta ann an dà chànan.

5. Ciamar a chuidicheas mi mo phàiste mar a bheil Gàidhlig agam?

Chan eil comas labhairt na Gàidhlig aig iomadh pàrant agus neach-cùraim a tha a’ cur an cuid chloinne gu Foghlam tron Ghàidhlig.  .

Tha cuid de sgoiltean a’ tabhainn chlasaichean-taic do phàrantan gun Ghàidhlig gus an urrainn dhaibh obair-dachaigh a dhèanamh le an cuid chloinne.

Ma tha thu a’ tuigsinn Gàidhlig no ma tha beagan Gàidhlig agad brosnaich luchd-obrach bhon bhuidhean tràth bhliadhnaichean/sgoil àraich/sgoil, Gàidhlig a bhruidhinn riut.

Brosnaich do theaghlach agus do caraidean aig a bheil Gàidhlig, a chànan a chleachadh ruit.

Gaelic 4 Parents

Tha goireasan agus geamaichean rim faotainn airson an luchdachadh sìos air Gaelic 4 Parents . Tha iad cuideachd a’ toirt seachad taic air-loidhne do phàrantan gu cunbhalach.

Nuair a thòisicheas do phàiste anns a’ bhun-sgoil, bidh tu airson taic a thoirt dhaibh le obair-dachaigh. Tha clàran fuaim den a h-uile leabhar leughaidh a bhios am pàiste agad a’ toirt dhachaigh air làrach-lìn Gaelic4Parents. A bharrachd air an sin, tha geamaichean is gnìomhachdan air an làraich-lìn seo a dh’fhaodas tu a dhèanamh còmhla ri do phàiste.

Ag Ionnsachadh Gàidhlig

Ma tha thu airson Gàidhlig ionnsachadh, tha clasaichean agus cùrsaichean Gàidhlig do dh’inbhich rim faighinn air feadh Alba. Tha na clasaichean seo freagarrach don a h-uile ìre. ‘S e CLI am buidheann a bhios a’ cur taic ri inbhich a tha ag ionnsachadh Gàidhlig.

6. Dè ma tha Feumalachdan Taic a Bharrachd aig mo leanabh?

Tha comas aig clann le feumalachdan taic a bharrachd an làn-chomais a ruighinn dìreach mar a dhèanadh iad ann an siostam foghlaim eile. Chan eil fianais sam bith ann gu bheil dà-chànanas a’ cur ri duilgheadasan ionnsachaidh ann an dòigh sam bith.

7. A bheil cothroman ann Gàidhlig a’ chleachdadh taobh a-muigh na sgoile?

Bidh Fèisean nan Gàidheal a’ cur taic ri leasachadh fhèisean stèidhichte sa choimhearsnachd ‘s a bhios a’ teagasg ealain air feadh Alba.  Aig Fèis, bidh cothrom aig do phàiste sgilean a leasachadh sna h-ealain Ghàidhlig – òrain, dannsa, dràma agus ceòl traidiseanta air iomadh seòrsa ionnsramaid. Tha an teagasg spòrsail agus fosgailte do na h-uile, ach tha e cuideachd proifeiseanta agus èifeachdach. Tha cuimse na h-obrach aig a’ mhòr-chuid de Fhèisean, air fèis bhliadhnail fad-seachdaineach, ach tha barrachd is barrachd Fhèisean a’ tabhann làn-phrògram de chlasaichean fad na bliadhna airson an t-ionnsachaidh a chumail a’ dol. Seo liosta de na fèisean a tha a’ tachairt air feadh Alba.

Clubaichean às dèidh Sgoile / Clubaichean Madainn Disathairne

Tha iomadh sgoil Ghaidhlig no sgoiltean le clasaichean Gàidhlig a’ cur air dòigh chlubaichean às dèidh na sgoile no clubaichean air madainn Disathairne tro mheadhan na Gàidhlig. Gheibh sibh tuilleadh fios bho na sgoiltean mu chlubaichean.

Comunn na Gàidhlig – Iomairtean Gàidhlig

Tha Comunn na Gàidhlig air Iomairtean Gàidhlig a stèidheachadh ann an 7 sgìrean air feadh Alba.  Tha na h-oifigearan leasachaidh anns na h-iomairtean seo a’ cur tachartasan tro mheadhan na Gàidhlig airson gach aois, air bhonn sa choimhearsnachd. Tha na tachartasan a’ toirt cothrom do fhileantaich agus luchd-ionnsachaidh tighinn còmhla ann an diofar shuidheachaidhean. Tha a’ choimhearsnachd a’ gabhail pàirt ann a bhith a’ taghadh nan tachartasan. Gheibhear tuilleadh fiosrachadh air an làraich-lìn aig CNAG

Airson tuilleadh fiosrachaidh mu dheidhinn Foghlam tron Ghàidhlig cuiribh fios gu Bòrd na Gàidhlig no chun an Ùghdarrais Ionadail agad.  Tha cothrom aig a h-uile pàiste air foghlam tron Ghàidhlig.  Carson nach toir thu cothrom don phàiste agad air na buannachdan co-cheangailte ri dà-chànanas?

Làrach-lìn fheumail

Gaelic4Parents

Clì Gaidhlig

Fèisean nan Gàidheal

Comunn na Gaidhlig

Bòrd na Gàidhlig