Mun Ghàidhlig

‘S e cànan Ceilteach a th’ ann an Gàidhlig na h-Alba, a tha dùthchasach do dh’Alba, agus a’ tighinn a-mach às a’ mheur Goidelic de na cànanan Ceilteach.Nochd an Cunntas Sluaigh ann an 2001 gun robh comas Gàidhlig  aig còrr agus 95,000 neach ann an Alba.

Tha Foghlam tron Ghàidhlig air a bhith ri fhaotainn ann an Glaschu agus ann an Inbhir Nis bho 1985, agus tha fàs air tighinn anns na còig air fhichead bliadhna bhon uair sin.

B’ e Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu a’ chiad sgoil Ghàidhlig a chaidh a stèidheachadh ann an Alba, agus tha i a-nis a’ gabhail clann bho aois 3 gu 18 bliadhna.

Dh’fhosgail Bun-sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis ann an 2007, agus tha an t-iarrtas airson àiteachan cho mòr agus gum b’ fheudar dà sheòmar-teagaisg eile a chur ris an sgoil ann an 2010.

Beachdan Mì-thuigseach

Sa bhidio seo thathar a’ cur às do bheachdan mì-thuigseach mu Ghàidhlig is dà-chànanas san fharsaingeachd. Tha Joanna McPake ga dhèanamh gu math soilleir nach dèan dà-chànanas cron sam bith air na comasan tuigse aig clann agus gun deach sin a dhearbhadh sna seasgadan. Tha Antonella Sorace ag aontachadh nach eil coltas ann gu bheil dà chànan a’ cur clann troimh-chèile, agus gun urrainn fiù ’s do leanabain bheaga eadar-dhealachadh a dhèanamh eadar dà chànan. Bho shealladh proifeiseanta agus pearsanta, tha Anna NicDhiarmaid is Fiona Dunn a’ mìneachadh gur iad na bliadhnaichean tràtha an t-àm as fheàrr gus cànanan ionnsachadh, agus gum falbh teagamh sam bith a dh’fhaodadh a bhith agad nuair a chì thu clann mhisneachail, le comas ann an dà chànan. Bho shealladh eadar-nàiseanta, tha Joanna McPake a’ cur nar cuimhne gu bheil a’ mhòr-chuid de mhuinntir an t-saoghail dà-chànanach no tha barrachd is dà chànan aca – rud a tha gu math nàdarra ann an iomadh cultar.

Làrach-lìn fheumail

Omniglot