A’ Cleachdadh Gàidhlig

A’ cleachdadh Gàidhlig led leanabh

  • Cuir suas facail agus abairtean sìmplidh timcheall an taighe.   Gheibh sibh eiseamplairean de dh’ fhacail agus abairtean air Gaelic4Parents.
  • Leugh leabhraichean Gàidhlig dhan chlann agad no èist ri sgeulachdan Gàidhlig còmhla riutha. Bidh Acair agus Comhairle nan Leabhraichean a’ reic leabhraichean, CDan agus DVDan Gàidhlig airson gach aois.
  • Tagh cùram-chloinne Gàidhlig.  Gheibh sibh fiosrachadh air SCMA (Scottish Child-minding Association) mu dheidhinn cùram chloinne Gàidhlig.
  • Ma tha Gàidhlig agad, bruidhinn ann an Gàidhlig fad na h-ùine.   Togaidh clann a’ chànan mar chluinneas iad gu tric i.
  • Cluich òrain Ghàidhlig dhan leanabh agad.   Cluich CDan Gàidhlig anns an dachaigh agus sa chàr.
  • Tha iomadh prògram air BBC Alba a dh’fhaodadh tu a choimhead airson eòlas a chur air a’ Ghàidhlig. ‘S urrainn dhut cuideachd èisteachd ri prògraman Gàidhlig agus an coimhead air an làraich-lìn aig BBC Alba.
  • Tha iomadh prògam chloinne air BBC Alba airson clann òga.
  • Fritheil a’ bhuidheann Pàrant is Pàiste as fhaisge dhut.
  • Brosnaich teaghlaichean eile gus Gàidhlig a labhairt ri an cuid chloinne.

Buannachdan Pearsanta

Sa bhidio seo gheibh sinn a-mach mu na buannachdan a gheibh, agus na dùbhlain a tha ro, clann aig a bheil dà chànan. Tha Wilson MacLeòid a’ mìneachadh mar nach eil clann le dà chànan fo rian sealladh aon chànain, agus gu bheil iad, ri linn dà-chànanais, nas buailtiche a bhith nas fhosgailte nan inntinn agus nas tuigsiche a thaobh chultaran is dhaoine eile agus co-ionannachd. Mar thè aig a bheil dà chànan, tha Victoria Kilgour gu math toilichte sa bhaile mhòr agus a-muigh air an dùthaich, thoradh gu bheil a’ Ghàidhlig na drochaid eadar an dà sheòrsa coimhearsnachd. Agus mu dheireadh, tha Anna NicDhiarmaid a’ toirt sealladh dhuinn air an iomadh cothrom a th’ ann do chloinn dà-chànanach a thaobh nan ealain, leithid a bhith seinn aig a’ Mhòd agus a’ nochdadh air telebhisean. A rèir Antonella Sorace, ged a bhios cuid a chloinn a’ cur an cùl ris an dàrna cànan seach gu bheil iad ga fhaicinn mar rud fa leth, tillidh tòrr dhiubh chun a’ chànain nuair a tha iad nan deugairean.

Làrach-lìn fheumail

Gaelic4Parents

Acair

BBC ALBA

Kist O Dreams