Priomh Bhuidhnean Gàidhlig

Tha àireamh de Bhuidhnean Gàidhlig ag obair air feadh Alba gus taic a thoirt seachad agus cleachdadh na Gàidhlig agus a cultar a leasachadh, agus taic a sholarachadh do ionnsachadh agus cleachdadh na Gàidhlig.

Bòrd na Gàidhlig

’S e buidheann phoblach neo-roinneil ghnìomhach a th’ ann am Bòrd na Gàidhlig a chaidh stèidheachadh fo Achd na Gàidhlig (Alba) 2005, agus a thoisich air 13mh Gearran 2006.

Fo chumhachan na h-Achd, thathar ag iarraidh air Bòrd na Gàidhlig a dhleastanasan a thoirt gu buil leis an amas inbhe na Gàidhlig a dhèanamh tèarainte mar chànan oifigeil ann an Alba, a bhios a’ dleasadh na h-aon spèis agus a th’ ann don Bheurla. Nì e seo tro bhith:

  • A’ meudachadh an àireamh dhaoine as urrainn Gàidhlig a chleachdadh agus a thuigsinn
  • A’ brosnachadh cleachdadh na Gàidhlig agus tuigse oirre
  • A’ cuideachadh gus cothroman a chruthachadh, ann an Alba agus àiteachan eile, air a’ Ghàidhlig agus a cultar

Acair

‘S e buidheann foillseachaidh a th’ ann an Acair stèidhichte ann an Eilean Leòdhais agus a’ toirt raon fharsaing de leabhraichean Gàidhlig, Beurla agus dà-chànanach gu buil. Tha Acair air raon fharsaing de leabhraichean Gàidhlig do chlann fhoillseachadh, gu h-àraid do chlann fo aois 5 bliadhna. Cuideachd, tha Acair air liosta de leabhraichean le ùidh choitcheann a leasachadh do chlann agus do dh’inbhich.

An Comunn Gàidhealach

Tha An Comunn Gàidhealach a’ ruith a’ Mhòid Nàiseanta Rìoghail agus mòdan ionadail. Bidh mòran chloinne ann am foghlam Gàidhlig a’ gabhail pàirt ann am farpaisean aig mòdan ionadail is nàiseanta. ‘S e cothrom fìor mhath a th’ ann a bhith com-pàirteach ann am farpaisean seinn, ionnsramaidean, labhairt, dràma is litearrachd.

An Lòchran

Tha An Lòchran a’ leasachadh agus ag adhartachadh nan ealan Ghàidhlig ann an Glaschu. Tha An Lòchran a’ strì ri nòsan saidhbhir cultarach na Gàidhlig a chomharrachadh agus ag amas air a’ chultar sin a thoirt nas dlùithe don t-sluagh ann am farsaingeachd. Tha e ag obair còmhla ri Iomairt Ghàidhlig Ghlaschu, a’ tairgsinn ghnìomhachdan do chlann agus do phàrantan.

Clì Gàidhlig

‘S e Comann Luchd-Ionnsachaidh na Gàidhlig a th’ ann an ClìGàidhlig. Chaidh Clì a stèidheachadh gus luchd-ionnsachaidh inbheach a chuideachadh gu fileantachd ann an Gàidhlig. Bidh Clì a’ ruith chùrsaichean air feadh na dùthcha do dhiofar ìrean, le cuideam air còmhradh. Bidh Clì cuideachad ag eagrachadh raon de chùrsaichean speisealaichte, a’ gabhail a-steach cùrsaichean Ulpan (dòigh luath is èifeachdach air cànan ionnsachadh) a thuilleadh air cùrsaichean Mothachadh Gàidhlig.

‘S e làrach-lìn ùr a th’ ann an Learngaelic.net do neach sam bith le ùidh ann an ionnsachadh Gàidhlig na h-Alba. Gheibhear fiosrachadh air an làraich seo agus ceanglaichean gu goireasan do luchd-ionnsachaidh de dhiofar aois agus aig diofar ìrean fileantachd. Tha mòran ghoireasan air an làraich-lìn a dh’fhaodas pàrantan a chleachdadh le clann – òrain, rannan, geamannan is eile.

Comann nam Pàrant Nàiseanta

Tha Comann nam Pàrant air a dhèanamh suas à lìonra de bhuidheann ionadail, a’ riochdachadh ùidh phàrantan aig a bheil clann a tha gan oideachah tro mheadhan na Gàidhlig.

Comhairle nan Leabhraichean

Chaidh Comhairle nan Leabhraichean a stèidheachadh gus sgrìobhadh is litreachas na Gàidhlig a bhrosnachadh, ìomhaigh leabhraichean ann an Gàidhlig a thogail agus cothroman a chruthachadh do obair chruthachail ann an diofar ghnèithean airson an toirt gu ìre foillseachaidh. Tha a’ bhùth leabhraichean stèidhichte ann an Glaschu. Gheibhear an sin CDan, a thuilleadh air leabhraichean Gàidhlig, a tha freagarrach do gach aois is ìre de fhileantachd ann an Gàidhlig.

Comunn na Gàidhlig (CnaG)

Tha Iomairtean Gàidhlig ag obair dha Comunn na Gàidhlig (CnaG) aig an àm seo ann an 7 sgìrean: Loch Abar, Glaschu, Dùn Èideann, Ear-thuath an Eilein Sgìtheanaich, Uibhist agus Èirisgeigh, Leòdhas agus Ìle is Diùra. Tha iad ag obair còmhla ris a’ choimhearsnachd gus a’ Ghàidhlig a neartachadh anns gach sgìre. Tha prògraman de thachartasan aca air shiubhal sna h-àiteachan sin.

Tha Comunn na Gàidhlig a’ dèanamh mòran obrach le òigridh cuideachd, a’ gabhail a-steach Campaichean Gàidhlig Òigridh, Sradagan agus ruith sgeama greis gnìomhachais do dh’oileanaich. ‘S e club Gàidhlig do chlann bun-sgoile a th’ ann an Sradagan.

Deiseal Earranta (Ùlpan)

Tha Deiseal Earranta (Ùlpan) a’ solarachadh ionnsachadh na Gàidhlig tro Ulpan, siostam ùr air Gàidhlig ionnsachadh. Gu làithreach, tha còrr agus 1400 oileanach aig Deiseal ag ionnsachadh Gàidhlig, le 119 oidean air an trèanadh airson teagasg gu nàiseanta. Tha cùrsaichean air an tairgsinn air feadh na dùthcha.

Fèisean nan Gàidheal

Tha Fèisean nan Gàidheal a’ cur taic ri leasachadh air fèisean oideachaidh sna h-ealain Ghàidhlig stèidhichte sa choimhearsnachd air feadh na h-Alba. Gheibh am pàiste agad cothrom aig Fèis air sgilean a leasachadh sna h-ealain Ghàidhlig – òran, dannsa, dràma agus ceòl traidiseanta air raon fharsaing de dh’ionnsramaidean. Tha an t-oideachadh spòrsail ach proifeiseanta is èifeachdach aig an aon àm. Tha gnìomhachdan na mòr-chuid de Fhèisean gan cuimseachadh air Fèis fad-seachdaineach gach bliadhna, ach barrachd is barrachd, tha Fèisean a’ tairgsinn làn-phrògram fad na bliadhna de chlasaichean leantaileach gus dèanamh cinnteach gum faighear solar seasmhach. Lean an ceangal seo gu mapa a tha a’ sealltainn nam Fèisean uile ann an Alba.

Tha Fèisean na Gàidheal a’ cur taic cuideachd ri Companaidh Theatar Meanbh-chuileag.

Pròiseact nan Ealan

Tha Pròiseact nan Ealain (PnE) no Buidheann nan Ealan Ghàidhlig stèidhichte ann an Steòrnabhagh ann an Eilean Leòdhais. Tha iomairtean PnE air mòran dhuaisean a chosnadh thar nan 10 bliadhna a dh’fhalbh, a’ gabhail a-steach Duais Tachartas na Bliadhna (Traidiseanta) – Duaisean nan Tachartasan Albannach airson Hiort: Opara Eòrpach ann an 2007.

Stòrlann Nàiseanta Na Gàidhlig

Bidh Stòrlann Nàiseanta na Gàidhlig a’ cruthachadh ghoireasan airson foghlam Gàidhlig.

Tha taghadh aca de ghoireasan eadar-obrachail an-asgaidh airson teaghlaichean, a’ gabhail a-steach Gaelic4parents, far am faod teaghlaichean taic fhaighinn airson obair-dachaigh agus cùisean eile co-cheangailte ri foghlam Gàidhlig. Tha saidhbhreas de ghoireasan aig Gaelic4parents a dh’fhaodas pàrantan a chleachdadh le an cuid chloinne.

‘S e pròiseact fo stiùireadh Stòrlann a th’ anns An Seotal. Bidh e a’ leasachadh briathrachais mu choinneamh raon de chuspairean san àrd-sgoil tro mheadhan na Gàidhlig.

Làrach-lìn fheumail

Acair

An Comunn Gàidhealach

An Lòchran

Iomairt Ghàidhlig Ghlaschu

Clì Gàidhlig

Learngaelic.net

Comann nam Pàrant

Comhairle nan Leabhraichean

Gaelic Book Council

Comunn na Gàidhlig

Sradagan

Deiseal Earranta (Ùlpan)

Fèisean nan Gàidheal

Companaidh Theatar Meanhb-chuileag

Pròiseact nan Ealain

Stòrlann Nàiseanta na Gàidhlig

Gaelic4Parents

An Seotal